Showing posts with label Mac-Talla. Show all posts
Showing posts with label Mac-Talla. Show all posts

Friday, 24 February 2012

Òran a’ Gheòcaire

Just for Lent: a blog about the ‘Glutton’s Song’ (‘Cruachan Ben as crowdie, Loch Awe cream …’) recorded by Alexander Carmichael from Donald Maclean, husband of Catrìona MacColl from Lismore, while on a visit to the Isle of Coll in September 1887.

Tha e air a bhith greiseag mhath bho nochd am blog mu dheireadh anns a’ Ghàidhlig; an-diugh, cuiridh sinn fo ur comhair pìos beag mu rannan éibhinn, agus an Carghas dìreach a’ tòiseachadh. Seo thugaibh Òran a’ Gheòcaire, co-dhiù mar a sgrìobh Alasdair MacGilleMhìcheil sìos e bho aithris Dhomhnaill MhicGillEathain, tuathanach Àirigh Leòid, ’s e air chuairt ann an Eilean Chola a’s t-fhoghar 1887:

            The Song of the Glutton

Cruachan Beann bhi na ghruitheam (curds & butter mixed)
Loch du’aich bhi na uac[hd]ar
Gach beinn s gach monadh bhi nan caise
S an gleann so lamh rium lan fuaraig
            O b’eibhinn an t-aran
            Strac thairis da’n im
            Saoil m bu chunnart ar bathadh
            Na m bu bhlathach bu chuan
            Siuil mhuice us crainn gheire
            S mor an t-eireac[hd]as cuain sid!

                        Oran a gheocaire
From Donald Maclean Airileoid, Coll
                                    Sep 1887 [CW131A, fo.126]

Ged a chanas an sluagh-chunntas gum b’ ann ann an Eilean nam Muc a rugadh Domhnall MacGillEathain, timcheall air 1825, b’ ann air tac Chille Mhoire ann an Eilean Rùma a bha na daoine aige air a bhith a’ fuireachd airson sia glùintean. Ann an 1860 phòs Domhnall Catrìona NicColla á Lios Mór; bha ochdnar de theaghlach aca. Faodaidh amharas a bhith againn gun robh Catrìona càirdeach do dh’ Alasdair taobh a mhàthar, agus b’ e siud a thug air dhol air chéilidh air tac Àirigh Leòid ann an Cola ’s e air chuairt ann an Eilean Thiriodh aig deireadh an t-Sultain 1887. Gu dearbh, leis mar a rugadh Catrìona ann an 1836, bhiodh e coltach gun robh an dithis Liosach air a bhith eòlach air a chéile bho aois òig.

Tha e follaiseach gun robh na briathran a’ fairtleachadh air Domhnall aig deireadh an òrain. Seo mar a théid na rannan gu léir a chur sìos anns a’ phàipear-naidheachd Mac-Talla ann an 1901: chaidh an clò-bhualadh an uair sin le Alasdair MacGillEathain Mac na Ceàrdaich ’na chruinneachadh Mactalla nan Tùr (1909).

        Guidhe a’ Gheocaire

Nam faighinn-sa m’ iarrtas,
            B’ e mo mhiann air an uair seo
Cruachan Beann bhith ’na ghruthaim
            Is Loch Odha bhith ’na uachdar,
Is gach gleann a tha làmh ris
            Bhith làn blàth bhainne buaile.
Cha bhiodh cùram gum bàtht’ sinn
            Nam bu bhlàthach bu chuan dhuinn.
            O, b’ éibhinn an t-aran
            Is stràic thairis de’n ìm air!

Bhiodh taoibh dhìonach a’ m’ bhàta
            De bhuntàta math suaite;
Druim dìreach de dh’ aran,
            Is rol mharag mu’n cuairt air;
Bhiodh a tobhta de chabhraich,
            ’S bhiodh an dram ’dol mu’n cuairt innt’;
’S mi gun iomaireadh gu làidir,
            Is ràimh chàis’ air a gualainn.
            O, b’ éibhinn an t-aran,
            Is stràic thairis de’n ìm air!

Tagairtean:
CW131A, fo.126
Cruinneachadh Maclean Sinclair NSARM MG 1, leabh. 2660 àirn 74–5.

Alexander Maclean Sinclair (deas.), Mactalla nan Tùr (Sydney, CB, 1909), 100–1.
_____, The Clan Gillean (Charlottetown, 1899), 399.
Mac-Talla, ix, 41 (12 Giblein 1901)

Dealbh:
Cruachan Beann agus Loch Odha

Stone whorls WHM 1992 13 2.4

Stone whorls WHM 1992 13 2.4
Stone whorls collected by Alexander Carmichael, held by West Highland Museum (ref. WHM 1992 13 2.4). [© carstenflieger.com]